Open main menu

Need help? See the Translation FAQ or Meta:Babylon. All translators should also subscribe to translators-l to be kept up-to-date (and to ask questions).

Preview of the original artwork (in English)
  • Gliocasan feumail airson rudan a chur ri Coitcheann Wikimedia
  • 'S urrainn dhut rudan a luchdadh suas a rinn thu fhèin gu tur.
    • Tha sin a' gabhail a-steach dealbhan is videothan de:
      • sheallaidhean-tìre, beathaichean is lusan.
      • pearsachan poblach is dealbhan de dhaoine ann an àitichean poblach.
      • nithean feumail no neo-ealanta
    • grafaichean, mapaichean, diagraman is fuaim thùsail.
    • Cuimhnich: Ma cho-roinneas tu d' obair air Coitcheann Wikimedia, bheir thu cead do dhaoine a chleachdadh, lethbhreac, atharrachadh no reic gun fhios a leigeil dhut.
  • Cha ghabh sinn ri obair a chruthaich no dh'innlich cuideigin eile
    • A ghnàth, chan urrainn dhut obair cuideigin eile a luchdadh suas.
    • Gabhaidh sin a-steach rudan mar:
      • suaicheantasan
      • còmhdachaidhean CD / DVD
      • fotografan brosnachaidh
      • glacaidhean-sgrìn de TV, filmichean, DVDan is bathar-bog
      • tarraingean de charactairean on TV, coimicean no filmichean - fiù ma rinn thu fhèin iad
      • a' chuid as motha dhe na dealbhan on lìon.
  • ... le dà eisgeachd mhòr:
    • 'S urrainn dhut obair cuideigin eile a luchdadh suas ma thug an t-ùghdar cead do chà a chleachdadh, atharrachadh no reic.
    • 'S urrainn dhut do dhealbhan de sheann-obair-ealain, carraighean is toglaichean (nas sine na 150 bliadhna mar is trice) a luchdadh suas.
  • Ann am facal...
    • 'S urrainn dhut obair thùsail agad fhèin a luchdadh suas.
    • Mòran taing airson do cuideachadh; tha seo cudromach.
    • Cha ghabh sinn ri obraichean o dhaoine eile gun chead sgrìobhte uapa.
  • Teagmhach fhathast? Cuir ceist aig an Help Desk.
  • OK
  • STAD
  • OK
  • STAD